Saturday, October 22, 2005

Bardachd san sean chanan

An rud a rinn mi, an rud nach d'rinn mi
A thug air falbh uile cheill
Ise a thruaill mi na corp
A chaidh tromham le a beul
Gus breisleach thoirt a breugan
'S e sin a rinn mo chlaoidh
A neochiontas nuair a bha i suarach
A nimh agus i na h-oigh
De bhios annam as a deidh
De tha ann ach mi
Duine chaidh cho stoldach
Nach bi daonndachd nam chridh
'S i a rinn mo mhaslachadh
'S i chuir mi gu eiginn
Ach chithear gu bheil an coire
A'laighe trom orm-fhin
Air sgath gu robh mo bhruadaran nimheil
A' tachdadh mo spiorad bochd
Le breugan agus smaointean cumhang
Le ainniseachd inntinne a-nochd
Ach cuiridh mi mo mhearachd ceart
Laighidh mi le ainnir truagh
Agus bidh m'iobairt na doigh
Gus ar-a-mach airson na sluaigh

Agus a-rithist

Chan eil guth ri radha mhaighdean
Is brist a tha mo cheann
Airson solas a thoirt air ainnir
Ged a tha a gruag donn
A' tuiteam mu m'aodann
Mar a laigheas sinn nar leabaidh sint
'S e an duilgheadas nach eil earbsa
Agam ann am boidhchead seunt
No boidhchead ceart nam bana-fleasgach
A' tarraing anail bho mo chom
'S e sin an rud nach gabhainn fois
Air cail fo neamh no talamh trom
Leanaidh mi mo chridhe rithe
Is bristidh deoir mum ghruaidh
Ach leanaidh i mo chridhe bruite
Air ais gu talamh torrach ruaidh
Far am faic mo ruintean aighear
Is sonas maireann ri mo latha
Is brist a tha mi 'struagh sin
Ach chi mi toilicheas na blaths

Sgudail, trulais, cac tha thu ag radh, agus chan eil thu fada cearr

0 Comments:

Post a Comment

<< Home