Friday, February 29, 2008

leabhar naomh nam madadh-allaidh

hallo, smaoinich mi gun cuirinn post beag sios mu dheidhinn an leabhar mu dheireadh a leugh mi. 's e sin the sacred book of the werewolf le Victor Pelevin, 's e fior dheagh leabhar a th'ann, agus mholainn e do dhuine sam bith a tha air seo a leughadh, ach feumaidh tu bhith ullaichte airson leabhair a sgaineas do chlaiginn gu h-uabhasach! ach tha e math gu dearbha, sin e really
kenavo
D D H

Tuesday, November 20, 2007

A' sabaid le Elvis na mo chogais.

Hallo a chaidrean, de man a tha sibh? Chan eil fhios am ma tha duine sam bith san t-saoghal mhor a leughadh seo a bharrachd orm-fhin, ach smaoinich mi gun cuirinn sios mo naidheachdan as ur. Fhuair mi lughdachadh eile nam phillichean o chionn seachdain, agus ann an tri seachdainean eile bidh mi as mo rian, tha mi'n duil! Chlo-bhualaich mi mo dharna leabhair bhardachd, Aberdeen Young Anarchists - The Wilderness Years! Agus tha e a' reic mar bonnaichean teth, ged nach eil mi ga reic, agus cha do rinn mi ach ochd lethbhreac dheth. Cha do leugh mi moran leabhraichean anabarrach inntinneach am bliadhna. Uill, chan eil cuimhn am co-dhiu. Tha an Taigh Samhraidh math gu leor. Agus bha na feadhainn Dostoyevsky math, ach sin e really. Fhuair mi torr leabhraichean mu chanainean neonach bho Amazon, mar Komi, Moksha is Erzya, Mari, Navajo, Lakhota, Cree, Tatar, Chuvash is iomadach fear eile a tha a' toirt tlachd dhomh. 'Siad na leabhraichean a sfhearr leam, a bharrachd air feadhainn neonach le Ruiseanaich!
Co-dhiu a ghiobarlain, mar sin leibh!
Daibhidh

Tuesday, November 14, 2006

Hurro

Hallo a chairdean, nise, de tha air tachairt dhomh anns na laithean a chaidh seachad? Chaidh mi dhan na h-eileanan an Iar. Thoisich mi a' seinn ann an comhlan-ciuil, comhla ri mo charaidean Antonius agus Gille-Criosd, ach tha e gun ainm fhathast. Rainig mi letheach-slighe tron Ogha Mhor. Leugh mi Shrapnel le Tormod Caimbeul, a mholainn-sa gu duine sam bith, tha e cho math, smathaid gur e an leabhar as fhearr sgriobhte anns a' Ghaidhlig gu ruige seo. Tha mi air torr nobhailean le Victor Pelevin a leughadh, 's e sgriobhadair air leth a th'ann, agus mholainn-sa esan gu duine sam bith cuideachd, gu h-araidh The Clay Machine-Gun, leabhar cho math ri gin a chaidh a sgriobhadh riamh. Tha sgriobhadh Witold Gombrowicz math cuideachd, agus Mikhail Bulgakov, chuir mi crioch air Am Maighstear agus Mairead a-nochd fhein, agus chord e rium glan. O, agus obh-obh, ghluais mi air ais le mo pharantan o chionn ceala-deug, ged nach ann ach rud sealach co-dhiu, tha mi'n dochas, airson math an t-saoghail. Chuir mi romham Ruisis a dh'ionnsachadh, neo Gearmailtis, airsons gun urrainn dhomh na leabhraichean eile aig Pelevin a leughadh. Iad sin nach eil ann an clo ann am Beurla fhathast co-dhiu. Agus, an naidheachd as fhearr buileach, bidh mi a'faighinn isleachadh nam phillichean a-rithist a dh'aithghearr, nuair a thigeas mo phrescription tron a' bhuth-leighis.
Huzzah! Sin e bhuam a-nochd,
DC, chan e Baile-nigheadarachd DC a th'ann, ach Daibhidh Ceannfalamh

Saturday, July 08, 2006

a' coimhead cruth na tire

Hallo a chairdean, neo luchd na grain mar a 's fhearr a dh'aithnicheas mi sibh. Tha mi a' dol air cuairt mhor dha na h-Eileanan an Iar a-maireach, airson tlachd a ghabhail a-measg na seallaidhean breagha a th'aca thall an-sin. Tha mi a' dol ann le mo dheagh charaid Antoninus, a tha ag ionnsachadh na Gaidhlig bhuam, ged nach eil gu leor aige fhathast airson cail a radh do mhuinntir na duthcha. Ach 's mise a tha as coireach airson sin. Chan eil mi ga theagasg ann an doigh bhogaidh ach ann an doigh leisg, le barrachd dibhe ann na comhradh. Co-dhiu, chuir mi crioch air mo nobhail, agus tha e a' ruith gu 137 duilleagan a dh'fhaid. Ach mo chreach, chan eil e a' deanamh biod chiall. Sgeul uabhasach mu upraidean ar-a-machail ann an Alba, leis a' phriomh charactar na ghloic le breisleach air. Tha e eibhinn ann am piosan, ach 's e an rud a tha a' deanamh dragh dhomh gum bi daoine a' smaoineachadh gu bheil piosan dheth eibhinn nach robh mi a' ciallachadh a bhiodh eibhinn ann an seagh sam bith. Rudan a tha eibhinn gun fhiosd dhomh, abhachdas a' tighinn a mearachdan, airson's gum bi daoine a' smaoineachadh gur e bumailear a th'annam. Bumailear faoin, 's e deagh fhacal a tha sin. Bumailear. Co-dhiu, tha mi'n dochas gun coinnich mi le caraid neo dha o mo laithean anns an Oilthigh, ach chan eil fhios agam de thachras.
Mise le misneachd

Daibhidh Ceannfalamh

Wednesday, May 17, 2006

uill, uill

Hallo a chairdean, fhuair mi dla bhon staite da mhios air ais, agus mar sin, s urrainn dhomh airgead a chosg air aodaich a bharrachd air treallaichean dealaineach. Tha mo nobhail a' dol air adhairt gu slaodach, ach tha e a' dol air adhairt, tha an tiotal ag atharrachadh gach turas a sgriobhas mi pios dheth cha mhor. Tha nobhail eile air tighinn a-mach ann an saoghal na Gaidhlig, 's e sin Dileas Donn le te NicLeoid, gur math a theid leatha gu dearbha! Agus tha mi air a bhith feuchainn ri boireannaich a thaladh rim thaobh ach gun moran soirbheachadh da riribh.
Co-dhiu
Gur math a theid leibh a chairdean
Daibhidh Ceannfalamh

Sunday, March 12, 2006

An stuth nach lorg thu ann an leabharlann

Smaoinich mi gun cuirinn bardachd eile romhaibh. Chan eil mi air a bhith cho trang on an turas mu dheireadh a sgriobh mi thugaibh. Fhuair mi An t-Ogha Mor a-mach as an leabharlann an-diugh, agus, ged nach do leugh mi e, chanainn gu bheil e airidh air an fhichead notaichean sa coig a chosg mi air mo bhallrachd.
Co-dhiu, seo na daintean

Cho alainn ged a tha i
Nam chuimhne fhathast gun ait'
Ann am bruadar thuirt i " na treig mi"
Agus an sin bha mi bathte
Cho domhainn ann am pramh
Nuair a dhuisgeas mi 's e suain
A shocraicheas mi na thamh
An aite a bhith beo nam smuain
O annasach a ceuman dhomhsa
O alainn i ged nach eil i mear
'S e cuimhne uile a dh'fhoghnas
A boidhchead agus sin cho cearr air
An duine a ghabh nuair a thuirt mise
Nach robh mo laithean fada gu leor
Agus breugan eile a bhris mo spiorad
Gus a bheil a fuil gam threoir
Gu aitichean gun oirleach fasgaidh
Agus duilgheadasan a' gabhail anail
'S e seo mo chuimhnichean a' tasgadh
Bron is neonitheachd gam ghabhail

An darna seist

Ni a' bhuirdeasach puinnsean dhiom
Ni e creideamh as a mhurt
Ach chithear gur e an t-amas
Nach bi ballrachd anns a' chuirt
Far a chaineas e mo pheacadh
Far a straiceas e mo dhruim
Air cul na ballachan chan fhaicear
An iobradh dhe mo mhaoin
An t-sracadh feolmhor a shugras
Ri stallan dall na staitean aingidh
Agus a dh'fhasas cumhachdach thar thoinisg
Gu ciallach anns an uaigh

An treas rann

O Alba an duthaich arsaidh
Gun chail a mhaireas math na broinn
Tha mi airson sguabadh aisde
Mi-fhein is thusa leis na tuinn
Carson a-rithist a dh'fhulaingeadh sinn
Ar beatha caillte cronach goirid
Carson nach cuir sinn ar obair romhainn
Agus fag ar duthaich bronach araid
Chan eil cail a dhochas ann
Tha mi airson falbh
Le caileag og gun sgrath na ceann
Man Dia nan suaircean balbh

A Chatriona og le suilean diamhar
De fo neamh a bhiodh do run
Gun chron air aite ach sin a mharbh
Ar cridheachan le gloir nan crun
'S e dochas a thalas mi nad thoir
Airson do bheatha maireannach
Do chuailean a tha donn man oir
A thogas mi airson do chlach
Do chliabh a tha na iomhaigh marmhor
Gun adhbhar dragh do m'inntinn crion
Theid sinn thar na criochan ceillmhor
Airson an toilicheas na mheadhan

Agus a-nis an treas rann rannmhor
De theid cearr ach breugan chaich
Cha bhi donas gar toirt cronmhor
Anns na bliadhnaichean ri teachd
Chi mi ged nach fhaic mi ceart
Gu bheil do bhron a' togail as
Tha thu a' sasachadh mo thairt
A fhuair mi ann an duthaich fas
Co bhiodh airson d'fhaicinn
Gun mheas, gun uaill, ceannsaichte
Ach esan nach suil do ruighinn
Airson gaol nach minig tha a nochdadh

Saturday, March 04, 2006

Adhbrannan ann am poll na dibhe

Hi a leughadairean, cheannaich mi da leabhair eile an-de. 'S e Dun Aluinn, le Iain MacCormaic aon dhiubh. B'e sin a' chiad nobhail a chaidh a sgriobhadh anns a' Ghaidhlig. Leugh mi anns an Oilthigh e agus chan eil an sgeul fhein cho math, ach tha a' Ghaidhlig gle mhath. Agus cheannaich mi an Dubh is an Gorm, 's e sin an leabhair as fhearr a leugh mi ann an Gaidhlig, ach airson Am Fear Meadhanach is Deireadh an Fhoghair. Thoisich mi air a' Mhiseanaraidh, agus tha e math fhein.
Co-dhiu
DC