a' coimhead cruth na tire
Hallo a chairdean, neo luchd na grain mar a 's fhearr a dh'aithnicheas mi sibh. Tha mi a' dol air cuairt mhor dha na h-Eileanan an Iar a-maireach, airson tlachd a ghabhail a-measg na seallaidhean breagha a th'aca thall an-sin. Tha mi a' dol ann le mo dheagh charaid Antoninus, a tha ag ionnsachadh na Gaidhlig bhuam, ged nach eil gu leor aige fhathast airson cail a radh do mhuinntir na duthcha. Ach 's mise a tha as coireach airson sin. Chan eil mi ga theagasg ann an doigh bhogaidh ach ann an doigh leisg, le barrachd dibhe ann na comhradh. Co-dhiu, chuir mi crioch air mo nobhail, agus tha e a' ruith gu 137 duilleagan a dh'fhaid. Ach mo chreach, chan eil e a' deanamh biod chiall. Sgeul uabhasach mu upraidean ar-a-machail ann an Alba, leis a' phriomh charactar na ghloic le breisleach air. Tha e eibhinn ann am piosan, ach 's e an rud a tha a' deanamh dragh dhomh gum bi daoine a' smaoineachadh gu bheil piosan dheth eibhinn nach robh mi a' ciallachadh a bhiodh eibhinn ann an seagh sam bith. Rudan a tha eibhinn gun fhiosd dhomh, abhachdas a' tighinn a mearachdan, airson's gum bi daoine a' smaoineachadh gur e bumailear a th'annam. Bumailear faoin, 's e deagh fhacal a tha sin. Bumailear. Co-dhiu, tha mi'n dochas gun coinnich mi le caraid neo dha o mo laithean anns an Oilthigh, ach chan eil fhios agam de thachras.
Mise le misneachd
Daibhidh Ceannfalamh