Sunday, March 12, 2006

An stuth nach lorg thu ann an leabharlann

Smaoinich mi gun cuirinn bardachd eile romhaibh. Chan eil mi air a bhith cho trang on an turas mu dheireadh a sgriobh mi thugaibh. Fhuair mi An t-Ogha Mor a-mach as an leabharlann an-diugh, agus, ged nach do leugh mi e, chanainn gu bheil e airidh air an fhichead notaichean sa coig a chosg mi air mo bhallrachd.
Co-dhiu, seo na daintean

Cho alainn ged a tha i
Nam chuimhne fhathast gun ait'
Ann am bruadar thuirt i " na treig mi"
Agus an sin bha mi bathte
Cho domhainn ann am pramh
Nuair a dhuisgeas mi 's e suain
A shocraicheas mi na thamh
An aite a bhith beo nam smuain
O annasach a ceuman dhomhsa
O alainn i ged nach eil i mear
'S e cuimhne uile a dh'fhoghnas
A boidhchead agus sin cho cearr air
An duine a ghabh nuair a thuirt mise
Nach robh mo laithean fada gu leor
Agus breugan eile a bhris mo spiorad
Gus a bheil a fuil gam threoir
Gu aitichean gun oirleach fasgaidh
Agus duilgheadasan a' gabhail anail
'S e seo mo chuimhnichean a' tasgadh
Bron is neonitheachd gam ghabhail

An darna seist

Ni a' bhuirdeasach puinnsean dhiom
Ni e creideamh as a mhurt
Ach chithear gur e an t-amas
Nach bi ballrachd anns a' chuirt
Far a chaineas e mo pheacadh
Far a straiceas e mo dhruim
Air cul na ballachan chan fhaicear
An iobradh dhe mo mhaoin
An t-sracadh feolmhor a shugras
Ri stallan dall na staitean aingidh
Agus a dh'fhasas cumhachdach thar thoinisg
Gu ciallach anns an uaigh

An treas rann

O Alba an duthaich arsaidh
Gun chail a mhaireas math na broinn
Tha mi airson sguabadh aisde
Mi-fhein is thusa leis na tuinn
Carson a-rithist a dh'fhulaingeadh sinn
Ar beatha caillte cronach goirid
Carson nach cuir sinn ar obair romhainn
Agus fag ar duthaich bronach araid
Chan eil cail a dhochas ann
Tha mi airson falbh
Le caileag og gun sgrath na ceann
Man Dia nan suaircean balbh

A Chatriona og le suilean diamhar
De fo neamh a bhiodh do run
Gun chron air aite ach sin a mharbh
Ar cridheachan le gloir nan crun
'S e dochas a thalas mi nad thoir
Airson do bheatha maireannach
Do chuailean a tha donn man oir
A thogas mi airson do chlach
Do chliabh a tha na iomhaigh marmhor
Gun adhbhar dragh do m'inntinn crion
Theid sinn thar na criochan ceillmhor
Airson an toilicheas na mheadhan

Agus a-nis an treas rann rannmhor
De theid cearr ach breugan chaich
Cha bhi donas gar toirt cronmhor
Anns na bliadhnaichean ri teachd
Chi mi ged nach fhaic mi ceart
Gu bheil do bhron a' togail as
Tha thu a' sasachadh mo thairt
A fhuair mi ann an duthaich fas
Co bhiodh airson d'fhaicinn
Gun mheas, gun uaill, ceannsaichte
Ach esan nach suil do ruighinn
Airson gaol nach minig tha a nochdadh

Saturday, March 04, 2006

Adhbrannan ann am poll na dibhe

Hi a leughadairean, cheannaich mi da leabhair eile an-de. 'S e Dun Aluinn, le Iain MacCormaic aon dhiubh. B'e sin a' chiad nobhail a chaidh a sgriobhadh anns a' Ghaidhlig. Leugh mi anns an Oilthigh e agus chan eil an sgeul fhein cho math, ach tha a' Ghaidhlig gle mhath. Agus cheannaich mi an Dubh is an Gorm, 's e sin an leabhair as fhearr a leugh mi ann an Gaidhlig, ach airson Am Fear Meadhanach is Deireadh an Fhoghair. Thoisich mi air a' Mhiseanaraidh, agus tha e math fhein.
Co-dhiu
DC

Thursday, March 02, 2006

Tri leabhair na Feinne

Hallo a chairdean, cheannaich mi tri leabhraichean Gaidhlig an-diugh, Am Miseanaraidh, le Iain Mac a' Ghobhainn, Ath-Aithne le Martainn Mac an t-Saoir agus Co Rinn E? le Domhnall Iain Mac Iomhair. Bidh mi gan leughadh thairis air na seachdainean ri thighinn, an leabhar gaidhlig mu dheireadh a leugh mi, 's e camhanaich le domhnall iain, agus mo chreach b' e leabhar bronacha bh'ann, cha robh dochas ann do mhoran sna sgeulachdan ud, ach co-dhiu, cha robh iad buileach sgrathail a bharrachd. Tha mi a' coimhead air adhairt ris na feadhainn ura, agus gu dearbh tha dochas agam gum bi iad math. Cha robh mi airson Ath-Aithne a cheannach airson greis mhor air sgath's gu bheil sgeulachdan Beurla ann, ach chan eil ann ach ceithir dhiubh an coimeas ri barrachd air deich anns a' Ghaidhlig. Co-dhiu, tha lathaichean math agam, is lathaichean nach eil cho math. Agus tha mi'n dochas gum bi mi air dla a dh'aithghearr a bheireas barrachd airgid dhomh. Bhiodh sin na chuideachadh cho mor dhomh's nach eil doigh agam innse.
Co-dhiu
Mise le meas
Daibhidh Ceannfalamh